Sacred Texts  Legends and Sagas  Celtic  Legendary Creatures  Index  Previous  Next 


The Celtic Dragon Myth, by J.F. Campbell, [1911], at sacred-texts.com


p. 149

NA TRÌ RATHAIDEAN MÓRA 1

Bha duine bochd ann roimhe so agus bha trì gillean aige. Smaointich iad gum 2 fàgadh iad an athair agus gum falbhadh iad a dh’iarraidh an fhortain. Dh’fhalbh an triùir comhla air an aon rathad mhór. Bha iad a’ falbh gos an d’thainig iad gu rathad mór a bha sgaoileadh ’na thrì miaran. Thuirt iad ri cheile an uair a chunnaic iad na trì rathaidean móra gon gabhadh gach fear aca rathad rathad mór air leth.

Ghabh am fear a bu 3 shine an rathad a bha dol an ear, ’s ghabh am fear miadhonach an rathad a bha dol an iar, agus ghabh am fear òg an rathad miadhon. Air dha’n fhear a b’òige ’bhith treis air falbh choinnich leomhann is calman is radan e, ’s iad a’ sabaid. Thuirt an leomhann, "De, ’ghille, am beachd a th’agad orm fhìn a bhith ’na leithid so do dh’àite?" "Mata," ars’ esan, "chan eil beachd agam ach nach ann an sin a bu chòir d’ ur leithid a bhith, ach feadh bhruach aibhnichean."

p. 150

[paragraph continues] Chord so ris an leomhann agus thuirt e ris, "Na bi ann an càs a choidhch nach cuimhnich thu ormsa." Thuirt an radan ris: "De’m beachd a th’agad orm-sa ’bhith ’na leithid so do dh’àite?" "Chan eil beachd agam fhìn," ars’ esan, "ach gor h-ann a bu choir duit a bhith a’ cruinneachadh còs 1 an los e ’bhith agad a’ feitheamh air a’ gheamhradh." Chòrd so ris an radan agus thuirt e ris, "Na bi ann an càs a choidhch nach cuimhnich thu orm-sa."

Dh’fhoighneac an calman deth: "De ’bharail a th’agad orm fhìn a bhith anns an àite so?" "’S e a bharail a th’agam fhìn gor h-ann a bu chòir duit a bhith feadh gheugan is bhruthaichean is chreag," ars’ esan. Chòrd so ris a’ chalman ’s thuirt e ris: "Na bi ann an càs a choidhch nach cuimhnich thu orm-sa."

Dh’fhalbh e, ’s bha e a’ falbh gun 2 tamh gun fhois gu 3 bial na h-oidhche; ’s am bial na h-oidhche choinnich caisteal mór ris. Chaidh e stigh do’n chaisteal. Cha robh duin’ a stigh ’sa chidsin an sin ach aona chòcaire—seana chòcaire mór—agus ’s e’n còcaire mór a’ theireadh iad ris.

Rinn e fasdadh; agus ’s e’n obair a fhuair e bhith còcaireachd fo’n chòcaire mhór; agus s e’n còcaire beag a theireadh iad ris. Bha e dà oidhch’ anns an tigh ’s cha robh e ’faicinn bean idir. Dh’fhoighneac e ca’n robh h-uile bean a bha san tigh ud, an robh bean idir ann. "Chan eil ann ach nighean an righ, s chan e h-uile h-aon a gheibh

p. 151

thun a leapa," ars’ an còcaire mór. Dh’fhoighneac e co’n àird de’n tigh an robh an seombar ’s an robh i a’ cadal. "Anns an àirde tuath," ars an còcaire.

Smaointich e air a chalman, ’s chaidh e ’na chalman ’s ghrad leum e gu mullach an t-simlear. An uair a ràinig e mullach an t-similear smaointich e air an radan ’s chaidh e ’na radan ’s ghrad leum e sìos gu bonn an àite-theine. Smaointich e’n sin air a bhith ’na dhuine ’s chaidh e ’na dhuine ’s dh’- fhalbh e thun leaba nighean an rìgh.

Thòisich e air cleasachd rithe, ’s air an fhàinne bh’ air a làimh a thoirt di. Lig’ is’ eubh. Thàinig a h-athair a nuas s bha esan ’na radan fo’n leaba. Thòisich a h-athair ri coinneamh a thoirt di airson a bhith ’g eubhach ’s gun duin’ anns an rum ’san robh i.

Cha bu luaithe dh’fhalbh a h-athair na chaidh esan ’na dhuin’ a rithisd, ’s a chaidh e chleasachd ris an fhàinne gus an d’thug e dhi e.

An uair a thug e dhi am fàinne smaointich e air an radan ’s chaidh e ’na radan a suas gu barr an t-simlear. An uair a ràinig e bàrr an t-simlear smaointich e air a chalman ’s chaidh e ’na chalman. Gheàrr e ite, ’s chaidh e far an robh an còcaire mór ’sa chidsin.

De bha ach blàr mór ri bhith an la’r na mhàireach aig an righ ri righ cumhachdach eile. Nam biodh am blàr air a chur air an righ chailleadh e’n rìgheachd agus a nighean. Duine sam bith a

p. 152

chuideachadh leis gus am blàr a chur leis gheibheadh e a nighean ri ’phòsadh.

An la’r na mhàireach chruinnich a h-uile duine ’s an rìgheachd a chur a chath leis an righ. Thug an còcaire beag an còcaire mór leis comhla ris.

An uair a bha’n righ treis a’ cur a bhlàir de rinn e ach a chuimhneachadh gun d’fhàg e’n deise chruadhach a b’fhearr a bh’ aige crochte ri taobh na leapa.

Dh’ iarr e fear sam bith a bu luaithe a bheireadh ’a ionnsuidh an deise, e a’ toirt ’a ionnsuidh chionn gun robh e smaointeachadh nam biodh i aige gun rachadh am blàr leis.

De ’rinn na gillean ach falbh ’s a h-uile h-aon riamh dhiubh ruisgte gun traoidht 1 umpa. Dh’fhalbh an còcaire beag ’na chalman ’s ràinig e’n tigh rompa ’s dh’innis e do nighean an rìgh mar a bha ’m blàr a’ dol. Thug e leis an deise chruadhach. An uair a bha àdsan 2 gos a bhith dhachaidh, de bha esan ach an deise chruadhach leis.

Thug e’n deise chruadhach thun an righ; agus de bha’m blàr ach a’ dol air an rìgh an uair sin. Smaointich e air an leòmhann ’s chaidh e ’na leòmhann; ’s de a rinn e ach a h-uile gin de naimhdean an rìgh a thilleadh; ’s reub is smùid is mharbh e a h-uile h-aon diubh ’s chuir e’m blàr leis an rìgh.

p. 153

An uair a chaidh am blàr leis an righ de ’bha ach an còcaire mór a’ ràdh gur 1 h-e fhìn 2 a chuir am blàr. De bha’n oidhche sin ach reite gu bhith aig nighean an righ ’s aig a chòcaire mhór. Chruinnich a h-uile duine ’s an rìgheachd 3 thun na reite.

Mu’n do thòisich an reite de dh’ iarr an righ orr’ ach dol a dhianamh 4 chleasan.

"Gad a theannainn fhìn ri dol a dhianamh chleasan chan eil fhios ’am 5 nach gabhadh sibh eagal," ars an còcaire beag.

Bha làn an tighe stighe de mhnathan uaisle ’s de dhaoin uaisle aig an reite.

Dh’fhalbh e’n uair sin agus de a smaointich e ach a bhith ’na radan, ’s chaidh e ’na radan. … Smaointich e sin air a bhith ’na chalman ’s chaidh e ’na chalman; is thòisich e le bun a sgeith ris an t-solusd ’s ri bhith cur as an t-soluisd. Thòisich na mnathan uaisle ri ceol ’s ri spòrs a ghabhail daibh fhìn 6 an uair a chunnaic iad duin’ a’ dol ’na chalman ’s ’na radan. Chaidh esan an sin ’na leòmhann feadh an tighe, a’ fosgladh a bhial airson a h-uile duin’ itheadh; ’s ma bha spòrs is ceòl aig na mnathan uaisle roimhid bha iad a nis air an oillteachadh a’ teicheadh anns na cùilltean; ’s cha b’e ’n còcaire mór a bu lugha ghabh do dh’oillt.

"Is fhior sin, ’s cha bhrìagan," ars ’an rìgh;

p. 154

[paragraph continues] "is tus’, a ghille mhath, a chuir am blàr leom-sa, ’s chan e ’m fear a tha ’dol a dh’fhaotainn mo nighinn r’a pòsadh."

Ghabh an còcaire mór a mach as an t-seombar leis an nàire, ’s a h-uile duin’ a’ fochaid air; is phòs an còcaire beag agus nighean an rìgh.


Footnotes

149:1 From Margaret Mackinnon, Berneray, who learnt it from John Morrison, Rusgary, Berneray, now a tenant in North Uist. August, 1859.

149:2 eud gom. The pronoun 3rd pl. is eud, ead throughout.

149:3 MS. bo.

150:1 Porous material for fire.

150:2 gon.

150:3 go.

152:1 Probably a corruption of "thread," says Hector Maclean. Other variants are, trìd, trait, tròidht.

152:2 For iad-san.

153:1 gor.

153:2 Dialectal.

153:3 MS. rìghreachd.

153:4 MS. has dhianadh.

153:5 Short for agam.

153:6 Dialectal.


Next: An t-Iasgair (The Three Ways) [Gaelic]